Prògram Rannsachaidh

Tha an rannsachadh air eagrachadh ann an trì cuspairean rannsachaidh eadar-cheangailte agus seachd pasgain obrach a tha ann an co-rèir ris na 7 chinn-uidhe a tha air an iomradh gu h-ìosal (Figear).

Programme Overview Diagram

Fianais Làimhseachaidh Theicneòlasan

Lìbhrigidh sinn teicneòlasan làimhseachaidh bith-eòlasach air sgèile dachaigh-coimhearsnachd airson uisge òil agus uisge-sgudail. Cleachdaidh iad sin teas sgudail gus gnìomhachd bhith-eòlasach a neartachadh ann an dealbhachaidhean iom-obraichearan nuadh.

Mothaichearan Glèidhidh air Cosgais Ìosal

A thaobh sgrùdadh cunbhalach is gnàth-chùrsach, tha e deatamach gun leasaich sinn agus gun cuirear an gnìomh mothaichearan a tha deiseil aig àm feumalachd agus a ghabhas an cleachdadh le neo-eòlaiche. Cleachdaidh sinn anailis cheimigeach ann an doimhneachd gus bith-chomharran moileciuileach a thaobh pròiseasan èiginneach ann an siostaman làimhseachaidh uisge òil agus uisge-sgudail, a chomharrachadh (16). A’ cleachdadh an fhiosrachaidh seo, dealbhaidh sinn mothaichearan ion-loidhne nano-fotonaic shaora do mhothachadh ion-loidhne air rabhadh a thoirt mu fhàillingidhean a tha an ìmpis teachd san t-siostam.

Innealan Dealbhaidh Bith-eòlas Innleadaireachd

Tha 1030 bhitheagan air a’ phlanaid, 1018 ann an ionad òtrachais àbhaisteach, 108  ann an liotar de dh’uisge bhon ghoc. Tha na h-àireamhan fìor mhòr agus tha neo-chunbhalachd àibheiseach eadar coimhearsnachdan bitheagach. Tha e deatamach gun leasaich sinn àrd-ùrlaran practaigeach le tro-chur àrd agus teòiridh dealbhachaidh, a sheòlas timcheall air agus a cho-ghlacas neo-chunbhalachd bhith-eòlasach gus gnìomhachadh a ghreasad agus bith-theicneòlasan a dhi-chunnartachadh. Tha sinn a’ creidsinn gun toir iad sin buaidh fad-mhaireannach air bith-theicneòlasan uile a thig am bàrr. Is e àrd-ùrlar ròbotach a th’ ann an Wastebot, a chaidh a leasachadh sna h-obair-lannan againn agus a bhios a’ cur luathachadh cudromach air piseachadh practaigeach air bith-theicneòlasan. Tha an teicneòlas Microbiome in a droplet a tha sinn a’ leasachadh, a’ ceadachadh deuchainneadh co-thaobhach fìor-mhòr air coimhearsnachdan bitheagach, a’ co-ghlacadh ann am boinneagan meanbh-shruthach a ghabhas an rèiteachadh aig a’ cheann thall stèidhichte air feartan a tha buannachdail do theicneòlasan uisge.

Cha lìbhrig làimhseachadh bith-eòlasach nuadh leis fhèin, fuasgladh ion-obrachail do sheirbheisean uisge dheth-griod. Feumaidh e suidhe mar phàirt de shiostam a tha èifeachdach a thaobh cosgais agus cumhachd, ìosal ann an càrbon, iomchaidh don sgèile agus stèidhichte anns a’ chruth-tìre agus sa choimhearsnachd ionadail.

Slighean buileachaidh do choimhearsnachdan seasmhach

Feumaidh coimhearsnachdan com-pàirteachaidh suidhe aig cridhe eadar-ghluasad èifeachdach sam bith gu modal ùr do sheirbheisean uisge, agus bidh buaidh chudromach aig beachd an neach-cleachdaidh agus teìcneòlasan neo-fhollaiseach air an dealbhachadh agus air an t-soirbheas aig a’ cheann thall. Tha buidhnean coimhearsnachd air Eileanan Bharraigh agus Bhatarsaigh, Eilean Arainn, Eilean Idhe agus Diùra dìoghrasach mun tabhartas seo. Tha sinn ag amas air obrachadh leis na coimhearsnachdan sin gus: (i) buannachdan is bacaidhean air siostaman làimhseachaidh uisge di-mheadhanaichte nuadh a chomharrachadh, agus mar a dh’fhaodas iad sin a bhith eadar-dhealaichte a thaobh làraich agus co-theacsaichean sòisio-poilitigeach is eaconamach; (ii) roghainnean is prìomhachasan luchd-ùidhe, coimhearsnachd agus luchd-cleachdaidh a stèidheachadh, na nithean a tha a’ toirt buaidh orra sin, am bi iad a’ meanbh-fhàs an dèidh an nochdadh don rannsachadh againn, agus; (iii) na builean bho (i) agus (ii) a chleachdadh gus modh-obrach com-pàirteachail no acainn a leasachadh, a dh’fhaodar a chleachdadh airson coimhearsnachd sam bith air feadh an t-saoghail, gus an co-dhealbhadh air siostaman uisge di-mheadhanaichte fhurastachadh, a tha ìosal ann an càrbon agus a’ co-thaobhadh le prìomhachasan luchd-ùidhe.

Goireas ghluasadach deuchainnidh is taisbeanaidh

Tha e deatamach gun dèan sinn deuchainn air teicneòlasan làimhseachaidh, mothaichearan agus innealan piseachaidh air an làraich. Mar sin a thaobh SW, dealbhaidh sinn goireas gluasadach deuchainnidh teicneòlais as urrainn brath a ghabhail air tùsan ionadail uisge, uisge-sgudail, teas sgudail agus tùsan cumhachd ìosal-ìreach.

Mion-sgrùdadh is Dealbhadh air Siostaman Amalaichte

Tha beachdachadh agus luachadh air cò aca de na mòran rèiteachaidhean teicneòlais as iomchaidhe do choimhearsnachd shònraichte, toinnte agus cha mhòr do-dhèante a mheòrachadh le luchd-rannsachaidh, luchd-ùidhe agus riaghladairean le chèile. Mar sin, leudaichidh sinn modhan a tha leasaichte airson siostaman cumhachd dheth-griod a mhion-sgrùdadh agus thèid an atharrachadh airson uisge dheth-griod.

Anailis agus ath-leasachadh riaghlaidh

Chan eil cleachdadh agus malairteachadh air teicneòlasan làimhseachaidh dheth-griod furasta. Tha e air iom-fhillteachadh leis an fheum air dèiligeadh ri cùisean cudromach cruinneil, mar di-chàrbonachadh gnìomhachasail agus lìbhrigeadh air leasachadh seasmhach amas 6, agus aig an aon àm a’ dèiligeadh ri prìomhachasan coimhearsnachd ionadail agus dèanamh cinnteach à co-ionannachd solair. Mapaidh sinn an suidheachadh laghail, poileasaidh agus institiùdach a tha a’ riaghladh gnìomhachas an uisge agus seirbheisean uisge na RA, comharraichidh sinn na bacaidhean sònraichte an lùib gnìomhachadh air teicneòlasan dheth-griod agus lorgaidh sinn slighean air na bacaidhean sin a bhriseadh sìos.

Coileanaidh an sgioba coimeasan eadar an RA agus sgrùdaidhean cùise eadar-nàiseanta gus eisimpleirean de dheagh chleachdadh agus fuasglaidhean ùr-ghnàthach iomlanachadh a thaobh riaghladh air teicneòlasan di-mheadhanaichte bho mun cuairt an t-saoghail.